Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' cur air bhog co-chomhairleachadh ùr gus beachdan fhaotainn mun cheathramh Plana Gàidhlig aca..

Tha am plana seo a' mìneachadh molaidhean an oilthighe gu leantainn air adhart a' togail inbhe na Gàidhlig agus ag ath-aithris ar dealais a thaobh suidheachadh na Gàidhlig tarsainn a' chom-pàirteachais a neartachadh ann an co-rèir ri rùintean agus cinn-uidhe a tha air an gabhail a-steach ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Bidh sia seachdainean aig a' phoball gus an dùin an co-chomhairleachadh air 24 Dùbhlachd, airson am beachdan a roinn air a' phlana a tha molta.

B' e an t-oilthigh a' chiad ionad foghlaim àrd-ìre ann an Alba a leasaich Plana Gàidhlig ann an 2010, agus measail air togail air coileanaidhean nam planaichean roimhe le bhith a' meudachadh conaltradh leis na coimhearsnachdan, agus fiosrachadh air ais iarraidh.  

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Todd Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe: "Tha a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba. Mar an aon oilthigh stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, tha sinn dealasach a thaobh inbhe na Gàidhlig a neartachadh agus a cleachdadh a bhrosnachadh tro na cothroman ionnsachaidh a tha sinn a' tabhann.

"Tha mi moiteil às na choilean sinn gu ruige seo, a chunnaic meudachadh ann am faicsinneachd agus so-chluinntinn na Gàidhlig anns na seirbheisean againn do dh'oileanaich, luchd-obrach agus don mhòr-shluagh, agus aig an aon àm a' cruthachadh chothroman airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus ionnsachadh na Gàidhlig ann am farsaingeachd. Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr seo air na coileanaidhean sin agus gun seall e dealas leantainneach an oilthighe a thaobh leasachadh agus neartachadh na Gàidhlig.

"Tha co-chomhairleachadh na phàirt chudromach den phròiseas, agus mar sin bhithinn a' brosnachadh duine sam bith le ùidh sa phlana na beachdan aca a thoirt seachad."

Faodar an dreachd plana fhaicinn aig www.uhi.ac.uk/en/about-uhi/facts-and-figures/publications/draft-gaelic-plan

Cuiridh sinn fàilte air fiosrachadh air ais gu 24 Dùbhlachd 2021.