Tha Colaiside a’ Chaisteil UHI a’ cur BA (le Urram) ann an Cruinn-eòlas air bhog, agus b’ e Sir Mìcheal Palin aon de na ciad daoine a chur taic ris a’ chùrsa.
 
Tha Sir Mìcheal Palin, a tha aithnichte mar thaisgealaiche, actair, ùghdar agus cleasaiche, cuideachd na Cheann-suidhe air Comann Rìoghail Cruinn-eòlais.  Tha e air a ràdh cheana gu bheil Cruinn-eòlas na “chuspair beò, a tha daonnan ag atharrachadh.  Tha e beòthail agus buntainneach.  Dhomh fhìn dheth, is e cùis fìor bhrosnachail agus feumail a th’ ann an cruinn-eòlas.”
 
Bhrosnaich Sir Palin Colaisde a’ Chaisteil UHI agus oileanaich Cruinn-eòlais le bhith ag ràdh, “Do gach neach air cùrsa Cruinn-eòlais aig Colaisde a’ Caisteil, is e cuspair aimsireil a th’ ann an Cruinn-eòlas.  Fhad ’s a tha iomagain mu sheasmhachd na cruinne-cè air a dheasbad aig an ìre an àirde, tha iomchaidheachd Cruinn-eòlais nas cudromiache na bha e a-riamh.

Bidh Cruinn-eòlas a’ togail nan ceistean cudromach. Mar as motha am fiosrachaidh a tha agad mu chruinn-eòlas ’s ann as motha am fiosrachadh a bhios agad mun àm ri teachd.”
 
Tha Cruinn-eòlas aig cridhe iomadh cuspair ionnadail agus cruinneil.  Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI ag aithneachadh gu bheil oileanaich ag iarraidh sgrùdadh a dhèanamh, bho shealladh saidheans sòisealta, air cuspairean leithid cleachdadh-fearainn, atharrachadh gnàth-shìde, plannadh agus leasachadh, cruinneachas, lùth agus turasachd.  Tha an cùrsa seo a’ toirt cothrom do dh’oileanaich an ceangal eadar daoine, àite agus àireannachd a sgrùdadh, agus beachdachadh air mar a tha an ceangal seo eadar-dhealaichte ann an diofar àitean.
 
Thuirt Dr Eilidh NicPhàil, Stiùiriche Cùrsa, “Tha an cùrsa ùr seo a’ toirt cothrom do dh’oileanaich bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus bho nas fhaide air falbh, cuspair aithnichte a sgrùdadh bhon taigh, a’ toirt cothrom dhaibh beachdachadh air na cuspairean a tha a’ buntainn ris na sgìrean againn fhèin, agus ris a’ chruinne-cè air fad: bho leasachadh lùth ath-nuadhachail gu turasachd, bho atharrachadh gnàth-shìde gu imrich – rudan a bhios air leth cudromach do na coimhearsnachdan againn san àm ri teachd.
 
Faodaidh ceum ann an Cruinn-eòlas cothroman obrach fìor mhath fhosgladh do luchd-ceumnachaidh.  Chan e a-mhàin gum faighear eòlas air roinnean obrach iomchaidh, ach cuideachd gheibh oileanaich sgilean a ghabhas an cleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean.  Gheibh oileanaich oideachadh ann an sgilean sgrùdaidh, tionnal data agus sgilean rannsachail, cuide ri sgilean sònraichte a thaobh bathar-bog a chleachdadh.  Tha seo uile gan ullachadh gus a bhith nan luchd-rannsachaidh neo-eisimileach, a bhios comasach air na sgilean aca a chur an cèill ann am farsaingeachd de dh’obraichean.
 
Thuirt Donna NicIllIosa, Tidsear Cruinn-eòlais agus Saidhceòlais, ann an Sgoil MhicNeacail,Steòrnabhagh, “Tha an cùrsa seo a’ toirt deagh chothrom do na sgoilearan againn leantainn orra le Cruinn-eòlas gu ìre Foghlam Àrd Ìre, agus tha e a’ toirt cothom dhaibh fuireach aig an taigh aig a’ cheart àm,’s dòcha cuideachd gum bi iad fiù ’s ag obair bhon taigh.  Tha an àrainneachd air an starsaich againn a’ toirt iomadh cothrom dhaibh a dhol an sàs ann an obair-làraich agus rannsachadh aig àm nuair a tha cothroman obrach ann an Cruinn-eòlas a’ meudachadh.”
 
Tha an ceum air a lìbhrigeadh gu tur air-loidhne le luchd-oide aig a bheil deagh eòlas a thaobh teagasg air astar.  ’S urrainnear an ceum a dhèanamh ann an àite sam bith san t-saoghal, agus faodar a dhèanamh air stèidh làn-ùine no pàirt-ùine.