Tha Colaiste a’ Chaisteil a’ sireadh dhaoine de gach aois a bhiodh deònach a bhith na meantairean dha luchd-ionnsachaidh Gàidhlig san àm ri teachd.

Tha an sgeama seo airson cothrom a thoirt dha luchd-ionnsachaidh an cànan a chleachdadh agus a leasachadh. 

Bhiodh aig gach meantair ri coinneachadh ri aon duine a tha ag ionnsachadh Gàidhlig agus a bhith a’ còmhradh riutha ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. 

Chan fheum sibh a bhith comasach air Gàidhlig a leughadh no a sgrìobhadh – chan eil sinn ag iarraidh ach comas còmhraidh.

Gheibheadh na meantairean am pàigheadh. Ma tha ùidh agaibh ann a bhith an sàs anns a’ phrògram mheantaraidh seo, neo ma tha ceistean sam bith agaibh, faodaidh sibh fios a chur gun a’ phost-dealain seo: 

This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.