Dreuchd: Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd – Loch a’ Tuath (làn-ùine)

Dreuchd: Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd – Sgìre na Loch (pàirt-ùine)

Dreuchd: Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd – Barraigh (pàirt-ùine)

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchdan cudromach san sgioba leasachaidh aca a lìonadh. Tha nn dreuchdan sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd ann an sgìrean Loch a’ Tuath agus Sgìre na Loch ann an Leòdhas, agus ann am Barraigh – na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga. Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile, agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.

Amasan na Dreuchd :

  • An òigridh a mhisneachadh sa chànain agus an ìre fileantais thoirt air adhart
  • Leudachadh air an àireamh de dh’òigridh a chleachdas Gàidhlig san sgìre
  • Leudachadh air an àireamh sgoilearan a tha a’ leantainn leis a’ Ghàidhlig tron sgoile
  • Àireamhan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre àrdachadh sa sgìre
  • A’ leasachadh is a’ brosnachadh buidhnean òigridh gus Gàidhlig a thoirt a-steach
  • A’ cur air dòigh agus a’ toirt taic do thachartasan coimhearsnachd a tha a’ cur ri cor na Gàidhlig

Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:

  • Fileanta agus misneachail anns a’ Ghàidhlig – gach cuid labhairt agus sgrìobhadh .
  • Eòlach agus misneachail ann an obair òigridh, is an comas dàimh a thogail leotha;
  • Comasach air co-obrachadh le daoine eile mar phàirt de sgioba – m.e. luchd-teagaisg, phàrantan, oifigearan eile
  • Comasach fòcas agus libhrigeadh air prògram òbrach ionadail agus targaidean eile;

Tha na dreuchdan seo aig tuarastal £22,000 FTE. (Tha peinsean de 9% peinsean ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh).

Tha dreuchdan Leòdhais stèidhte an Steòrnabhagh, san Tosgan air Rathad Shìophort, ach ag obair ann an ‘Sgìre an Loch a Tuath (eadar an Rubha agus am Bac) agus ann an Sgìre na Loch.  Tha dreuchd Bharraigh stèidhte sa choimhearsnachd an sin.

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:

Màiri T NicDhòmhnaill, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG

Fòn: 01851 701802    Post-dealain: oifis@cnag.org

Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 12.00f air 30 Dàmhair 2020 agus bidh agallamhan ann, ann an Steòrnabhagh, uairegin san t-seachdain a’ tòiseachadh air 9 Samhain.

Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a' cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.