Preantas Ùr-nòsach – Ioma-mheadhain

Cùmhnant teirm-shuidhichte, 18 mìosan, 37 uair a thìde gach seachdain

Tuarastal - £15,982 gach bliadhna

Is e cothrom inntinneach a tha seo airson cuideigin aig a bheil ùidh dealasach ann a bhith ag ionnsachadh a thighinn còmhla ris an sgioba aig MG ALBA ann an dreuchd Preantas Ùr-nòsach. Stèidhichte taobh a-staigh ar Roinn Obrachaidh, gheibh an neach-dreuchd eòlas obrach measgaichte air an t-sruth-obrach gu lèir airson prògraman craolaidh. Gheibh an neach-dreuchd trèanadh farsaing agus eòlas obrach thar nan roinnean agus cuiridh iad crìoch air Preantasachd Ùr-nòsach anns na Meadhanan Didseatach agus Cruthachail gu SVQ Ìre 7 rè teirm a’ chùmhnant aca.

Tha sinn a’ sireadh cuideigin a tha dealasach a bhith a’ leasachadh an cùrsa-beatha san roinn chruthachail ioma-mheadhain, le dòigh-obrach adhartach a thaobh obair, deagh sgilean conaltraidh agus eadar-phearsanta agus dìoghras airson ionnsachadh tro eòlas san àite-obrach.

Tha fileantachd ann an comas labhairt Gàidhlig riatanach agus thèid taic a thoirt seachad airson comas sgrìobhte ma tha feum air.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC.  Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Cànan Graphics Studio, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2019/20.

Càite bheil sinn?

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu agus bidh an dreuchd stèidhichte san oifis againn ann an Steòrnabhagh.

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA

  • Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA ann an 2017, 2018, 2019 & 2020
  • Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
  • Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd lann lùth-chleas gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca iarrtais-obrach:

http://www.mgalba.com/downloads/jobs/modern-apprentice-job-desc-081020-gd.pdf

Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV gu This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it. agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA.

 

Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire Nicleòid air This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it..  Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.

Ceann-là airson tagraidhean – Diardaoin 29 Dàmhair, 12f

Agallamhan – air Zoom, Diardaoin 5 Samhain 2020

 

Modern Apprentice - Multimedia

Fixed term contract, 18 Months, 37 hours per week

Salary - £15,982 pa

This is an exciting opportunity for an enthusiastic learner to join the team at MG ALBA in the role of Modern Apprentice. Based within our Operations Department, the postholder will gain work experience covering the entire workflow for broadcast programmes. The postholder will also gain comprehensive training and work experience across the departments and will complete a Modern Apprenticeship to SVQ Level 7 in Creative and Digital Media during the term of their contract.

We are looking for someone who is committed to developing their career in the multimedia creative sector, with a positive approach to work, good communication and interpersonal skills and a passion to learn through workplace experience.

Fluency in spoken Gaelic is required with support given for written competency if required.

Who are we?

MG ALBA, Scotland’s Gaelic Media Service, operates the Gaelic television channel BBC ALBA in partnership with the BBC. We are also responsible for FilmG, in collaboration with Cànan Graphics Studio, and we deliver LearnGaelic in partnership with the BBC, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig and Bòrd na Ceiltis (Alba).

Our Operational Plan 2019/20 provides important information about our aims and outcomes for this year.

Where are we?

We have offices in Stornoway and Glasgow, the post will be based in the Stornoway facility.

Other interesting information about working for MG ALBA

  • Nominated as one of the best places to work in broadcasting in the UK in 2017, 2018, 2019 & 2020
  • Investors in People & Investors in Young People (Gold)
  • We offer 25 days annual leave + 12 days public holidays
  • We pay 10% to a pension scheme for you, and add 5% if you match it
  • To encourage healthy lifestyles we offer gym membership
  • We have family-friendly & flexible working practices and offer a childcare voucher scheme

Interested? Next Steps

Please refer to the Job Description:

http://www.mgalba.com/about/vacancies/index.html?lang=en

To apply, please submit your current CV to This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it. and let us know by letter what motivates and interests you about the role and working for MG ALBA.

Informal enquiries can be made to Claire Macleod to This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.. Please get in touch if you would like to arrange a confidential and informal chat about the post.

Closing date for applications - Thursday 29 October, 12pm

Interviews - held by Zoom, Thursday 5 November 2020