Contact us on 01851 705743 or
email info@welovestornoway.com

Music students from UHI will be showcasing their skills at the Glasgow International Piping Festival tomorrow (9 August) - one of Scotland's biggest live music events.

Students and alumni from UHI's applied music course will play a range of traditional tunes with piping connections as part of a live session. The set will include a new tune specially written by fiddler Anna-Wendy Stevenson, UHI's applied music Programme Leader, to celebrate the ongoing partnership between UHI and the National Piping Centre.

UHI has been working with the National Piping Centre for many years to provide opportunities for music students, including specialist tuition and work experience. Several graduates from UHI's applied music degree have also gone on to work at the centre, including Ailis Sutherland from Kirriemuir who is a piping instructor and Ellie McLaren from Braemar who secured a role as a marketing assistant.

The most recent development in the partnership is an agreement which will enable graduates from the National Piping Centre's new HND to go on to complete UHI's BA (Hons) applied music degree.

Anna-Wendy Stevenson said: "This relationship is a key to the development and growth of our music and cultural provision, offering opportunities for our students to receive expert tuition from some of the most respected pipers in the world."

Findlay Macdonald, Director of Piping at The National Piping Centre, added: "The National Piping Centre is delighted to be working in partnership with UHI on this special development in piping education. This collaborative partnership offers a new path for piping in a very flexible and exciting way. The distance learning and blended approach which UHI are highly experienced in gives pipers across the world the chance to develop their piping to degree level with tuition from the very best in piping and the wider traditional music world."

Piping Live is a week-long celebration of piping culture with everything from traditional piobaireachd to contemporary bands all lined up to represent the international world of piping. The week culminates in the World Pipe Band Championships organised by Glasgow Life on behalf of the Royal Scottish Pipe Band Association. The festival attracts audience from across the world for a celebration of Scottish music and culture.

The live UHI session will take place from 6pm on Tuesday 9 August in the Street Café at the National Piping Centre, McPhater Street, Glasgow. To find out more, visit https://pipinglive.co.uk/events

For more information about music courses at UHI visit www.uhi.ac.uk/courses

Picture shows Ailis Sutherland.

Oileanaich ciùil UHI gus na sgilean aca a thaisbeanadh aig Piping Live

Bidh oileanaich chiùil bho UHI a' taisbeanadh nan sgilean aca aig aon de na tachartasan ciùil beò as motha ann an Alba le gnìomhadh air àrd-ùrlar aig Fèis Phìobaireachd Eadar-nàiseanta Ghlaschu air Dimàirt 09 Lùnastal.

Bidh oileanaich is alumni bho chùrsa chiùil ghnìomhaichte UHI a' cluich raon de phuirt thraidiseanta le ceanglaichean pìobaireachd mar phàirt de sheisean beò. Anns an t-seata, bidh port ùr air a sgrìobhadh gu sònraichte leis an fhìdhlear Anna-Wendy Stevenson, Stiùiriche Phrògraman ciùil ghnìomhaichte UHI, gus an com-pàirteachas leantainneach eadar UHI agus an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta a chomharrachadh.

Tha UHI air a bhith ag obair leis an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta airson grunn bhliadhnaichean gus cothroman a thoirt do dh'oileanaich ciùil, a' gabhail a-steach oideachadh sònraichte agus eòlas obrach. Tha grunn luchd-ceumnachaidh bho cheum ciùil ghnìomhaichte UHI cuideachd air a dhol air adhart gu bhith ag obair aig an ionad, nam measg Ailis Shutharlanach bho An Ceathramh Mòr a tha na neach-teagaisg pìobaireachd agus Ellie NicLabhrainn bho Bràigh Mhàrr a fhuair dreuchd mar neach- cuideachaidh margaidheachd.

'S e an leasachadh as ùire sa chom-pàirteachas, aonta a leigeas le luchd-ceumnachaidh bho HND ùr an Ionaid Phìobaireachd Nàiseanta a dhol air adhart gu ceum BA (le Urram) ann an ceòl gnìomhaichte aig UHI a chrìochnachadh.

Thuirt Anna-Wendy Stevenson: "Tha an dàimh seo aig cridhe leasachaidh agus fàis air ar solar ciùil is cultair, a' toirt cothrom do na h-oileanaich againn oideachadh eòlach fhaighinn bho chuid de na pìobairean as cliùitiche san t-saoghal."

Thuirt Fionnlagh Dòmhnallach, Stiùiriche Pìobaireachd aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd: "Tha an t-ionad Pìobaireachd Nàiseanta air leth toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le UHI air an leasachadh shònraichte seo ann am foghlam pìobaireachd. Tha an com-pàirteachas co-obrachail seo a' tabhann slighe ùr airson pìobaireachd ann an dòigh a tha gu math sùbailte agus inntinneach. Tha an t-ionnsachadh air astar agus an dòigh-obrach mheasgaichte air a bheil UHI fìor eòlach, a' toirt cothrom do phìobairean air feadh an t-saoghail an cuid pìobaireachd a leasachadh gu ìre ceuma le oideachadh bhon fheadhainn as fhèarr ann am pìobaireachd agus san t-saoghal ciùil thraidiseanta, anns an fharsaingeachd.

'S e comharrachadh fad seachdaine de chultar na pìobaireachd a th' ann am Piping Live leis gach nì bho phìobaireachd thraidiseanta gu còmhlain cho-aimsireil uile air an cur ri chèile gus saoghal eadar-nàiseanta na pìobaireachd a riochdachadh. Thig an t-seachdain gu crìch le Farpais Chòmhlain Pìoba na Cruinne a chuir Glaschu Beò air dòigh às leth Comann Chòmhlain Pìoba Rìoghail na h-Alba. Bidh an fhèis a' tàladh luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail airson ceòl is cultar na h-Alba a chomharrachadh.

Bidh an seisean beò aig UHI a' gabhail àite bho 6f Dimàirt 9 Lùnastal ann an Cafaidh na Sràide anns an Ionad Phìobaireachd Nàiseanta, Sràid MhicPhàdraig, Glaschu. Tha tuillidh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo https://pipinglive.co.uk/events

A dh'iarraidh tuillidh fiosrachaidh mu chùrsaichean ciùil aig UHI tadhail air www.uhi.ac.uk/courses