BBC ALBA is offering a range of programmes to support learning. 

Titles such as Baile Mhuilinn, A’ Bhùth, Leugh le Linda, Aithne air Ainmhidhean and Saidheans Spòrsail are being screened in the daily CBeebies and CBBC ALBA schedule with all programmes being made available through iPlayer after transmission. 

Additional programmes will also be made available within a learning collection on BBC ALBA’s iPlayer channel from 11 January through to 2 April.

This will include primary content with a focus on maths, numeracy, literacy and history.  The collection will also include a range of Bitesize video content produced in Gaelic for primary maths, science, literacy and social studies. 

Further learning resources for primary and secondary school children at National 5 and Higher is accessible through the Bitesize website, bbc.co.uk/bitesize with pre-school resources available through bbc.co.uk/cbeebiesalba, and CBeebies and CBBC ALBA content can also be found on BBC ALBA’s YouTube channel.

 
BBC ALBA a’ tabhann taic ionnsachaidh tro àm a’ ghlasaidh

Bidh BBC ALBA a’ tabhann taghadh de phrògraman a chumas taic ri ionnsachadh clann-sgoile.

Thèid prògraman leithid Baile Mhuilinn, A’ Bhùth, Leugh le Linda, Aithne air Ainmhidhean agus Saidheans Spòrsail a shealltainn mar phàirt den chlàr làitheil aig CBeebies is CBBC ALBA, leis na prògraman an uair sin rim faicinn air an iPlayer.
Bidh prògraman a bharrachd rim faotainn mar phàirt de cho-chruinneachadh ionnsachaidh air seanail iPlayer BBC ALBA bho 11 Faoilleach gu 2 Giblean. Gabhaidh seo a-steach susbaint bun-sgoile le cuideam air matamataig, àireamhan, litreachas agus eachdraidh. Bidh taghadh bhidiothan Bitesize mu matamataig, saidheans, litreachas agus cuspairean sòisealta airson na bun-sgoile ri fhaotainn anns a’ Ghàidhlig cuideachd.
Gheibhear tuilleadh goireasan ionnsachaidh do chloinn bun-sgoile agus àrd-sgoile aig ìre Nàiseanta 5 agus Àrd-Ìre air làrach-lìn Bitesize, bbc.co.uk/bitesize le goireasan na sgoile-àraich ri fhaotainn air bbc.co.uk/cbeebiesalba, agus gheibhear susbaint CBeebies agus CBC ALBA air sianal YouTube BBC ALBA.
 
BBC ALBA is available on the following platforms:
• Sky 141 (Scotland) / Sky 169 (rest of UK)
• Freeview / You View 7 (Scotland only)
• Virgin Media 161
• Freesat 109             
• BBC iPlayer