Tha Acair moiteil gun bhuannaich trì leabhraichean aig Na Duaisean Litreachais 2020 às deidh do sheachd leabhraichean a bhi air na geàrr-liostaichean.

Thuirt manaidsear Acair, Agnes Rennie, “abair farpais litreachais agus abair deagh chomhar air am beartas leabhraichean a tha Acair a’ cuir a-mach gach bliadhna. Tha sinn taingeal an cothrom fhaighinn obrachadh còmhla ri sgrìobhadairean tàlantach.”

Bhuannaich An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile le Mòrag Anna NicNèill an Leabhar Fhicsein as Fheàrr (Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn). Meal a naidheachd oirre, agus cuideachd air Iain D. Urchardan a bha air a' gheàrr-liosta airson Air an Oir.

Bhuannaich an leabhar Cluaintean Uaine, bàrdachd le Seòras Moireach agus Dòmhnall MacIllÌosa, deasaichte le Coinneach MacLeòid agus Iain G. Dòmhnallach Duais Ruairaidh MhicThòmais airson an Leabhar Bàrdachd as Fheàrr. Mealaibh an naidheachd air an dithis neach deasachaidh. Bha Nàdar De le Pàdraig Macaoidh agus Ceum air Cheum le Crìsdean MacIlleBhàin air a' gheàrr-liosta agus meal an naidheachd orrasan cuideachd.

Bhuannaich Mo Ghranaidh agus an Losgann Mòr le Marie C. NicAmhlaigh an Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh- meal a naidheachd oirre.

Bha Eadar Dà Shaoghal le Dòmhnall MacLeòid air geàrr-liosta an Leabhar Neo-fhicsein as Fheàrr (Duais Dhòmhnaill Meek) agus meal a naidheachd airesan airson faighinn air a' gheàrr-liosta.

Tha na leabhraichean gu lèir rim faighinn air làrach-lìn Acair.

Tha Acair a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig

Cathrannas clàraichte a th’ ann an Acair: SC047866

Acair wins big at the Gaelic Literature Awards 2020

Acair are proud that three books have won their categories at The Gaelic Literature Awards 2020 with seven books shortlisted. Speaking after the event, Acair manager Agnes Rennie commented: “What a wonderful competition and what a marvellous reflection on the rich contribution to Gaelic culture published annually by Acair. We are always grateful for the opportunity to work with such a talented pool of writers.”

Mòrag Anna NicNèill won the Best Fiction Book for An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile. Congratulations to her and also to John Urquhart for the shortlisting of Air an Oir.

Cluaintean Uaine, the poetry of the late George Murray and the late Donald Gillies edited by Kenny MacLeod and Iain G. Macdonald has won the Best Poetry Book. Congratulations to the editors, as well as to Peter Mackay and Christopher Whyte, shortlisted for Nàdar De and Ceum air Cheum respectively.

Mo Ghranaidh agus an Losgann Mòr by Marie C. NicAmhlaigh won the Best Children's Book and we offer her many congratulations.

Eadar Dà Shaoghal by Donald MacLeod was also shortlisted for the Best Non-Fiction Book- congratulations to him too. 

All books are available on the Acair website.

Acair receives assistance from Bòrd na Gàidhlig. Acair is a registered charity: SC047866