Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI air cùrsa ùr air-loidhne do luchd-ionnsachaidh ullachadh.  Tha riochd air-loidhne na cùrsa a’ ciallachadh gu bheil e comasach do dh’oileanaich an cùrsa a’ leantainn ge bith càite bheil iad stèidhichte, aig an astar aca fhèin agus nan ùine fhèin.

Thuirt Sheila NicIllinnein, Iar-Cheannard; “Tha a’ cholaiste air leth toilichte ionnsachadh na Gàidhlig fhosgladh a-mach do dhaoine.  Seach gu bheil an cùrsa seo air-loidhne, bidh e gu sònraichte feumail dhaibhsan a tha airson Gàidhlig ionnsachadh ach a tha a’ faireachdainn nach eil gu leòr ùine aca sin a dhèanamh”

’S e cùrsa a mhaireas 12 seachdainean a tha ann an Gaelic for Work Purposes, agus cuidichidh e le cànan bunaiteach a bheir cothrom do dh’oileanaich conaltradh a dhèanamh, chan e a-mhàin ann an suidheachaidhean làitheil, ach anns an àite-obrach cuideachd.

Bha an cùrsa air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus tha e barrantaichte le Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu: Angela Weir

p-dealain: This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

fòn: 01851 770457