Chaidh tabhartas de £271,000 a thoirt do UHI Colaisde a’ Chaisteil is Beinn na Faoghla agus Comhairle nan Eilean Siar bho mhaoin Dualchas Nàdair na h-Alba airson Pròiseact Àrc-Eòlas Samhlachail Uibhist (UVAP).

Tha Pròiseact Samhlachail Àrc-eòlas Uibhist mar phàirt de phrògram phròiseactan ùra luach £5 millean a thèid in-thasgadh anns a’ Ghàidhealtachd agus nan Eilean gus tuilleadh chothroman àrd-chàileachd a thoirt do luchd-turais, a’ togail tlachd bho dhualchas nàdarra agus cultarail.  Tha Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail air a stiùireadh le Dualchas Nàdair na h-Alba agus air a mhaoineachadh ann am pàirt le Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF).  Bidh Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail a’ brosnachadh dhaoine gu tadhail air feadhainn de na coimhearsnachdan ionadail, agus stèidhichidh e obraichean seasmhach, gnothachasan agus seirbhisean sa choimhearsnachd. Fhuair am pròiseact cuideachd £85 mìle not bho Mhaoin Dualchas a’ Chrannchur Nàiseanta.

Am bu toil leat rannsachadh teaghlach a dhèanamh?  Am bu toil leat barrachd fiosrachadh fhaighinn  mu do shinnsearan?

Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI a’ tabhann cothrom sin a dhèanamh le bhith a’ cur air dòigh cùrsa 10 seachdainnean le barrantas SQA.

Bidh an t-èolaiche Bill Lawson a’ lìbhrigeadh clas-oide dà uair a thìde san t-seachdain bhon Ionad Rannsachaidh Sloinntaireachd, Cò Leis Thu?

Thèid na clasichean-oide a lìbhrigeadh air-loidhne, mar sin, gheibh thu cothrom pàirt a ghabhail annta far a bheil thu stèidhichte.

Bidh stuthan teagaisg cuideachd rim faighinn air làrach teagaisg eleagtronaigeach na Colaisde.

Tron chùrsa seo, gheibh thu cothrom pìos, no pìosan, den chraobh teaghlaich agad fhèin, no teaghlach Gàidhealach sam bith, a rannsachadh.  Gheibh thu stiùireadh a thaobh ciamar a bu chòir rannsachadh teaghlach a dhèanamh agus air ciamar a bu chòir fiosrachadh a chumail, a bharrachd air fiosrachadh mu na buidhnean ionadail agus nàiseanta as urrainn do chuideachadh leis an rannsachadh.

Ceann-là:          22mh Faoilleach

Uair:                 4.30f – 6f

Fad:                  10 seachdainean

Cosgais:            £100

Fiosrachadh:     This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

                        01851 770457

 

Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI air cùrsa ùr air-loidhne do luchd-ionnsachaidh ullachadh.  Tha riochd air-loidhne na cùrsa a’ ciallachadh gu bheil e comasach do dh’oileanaich an cùrsa a’ leantainn ge bith càite bheil iad stèidhichte, aig an astar aca fhèin agus nan ùine fhèin.

Thuirt Sheila NicIllinnein, Iar-Cheannard; “Tha a’ cholaiste air leth toilichte ionnsachadh na Gàidhlig fhosgladh a-mach do dhaoine.  Seach gu bheil an cùrsa seo air-loidhne, bidh e gu sònraichte feumail dhaibhsan a tha airson Gàidhlig ionnsachadh ach a tha a’ faireachdainn nach eil gu leòr ùine aca sin a dhèanamh”