Lews Castle College UHI has begun a period of consultation on the draft of its second Gaelic Language Plan.

The Plan, which has been developed in accordance with the Gaelic Language Act (2005), outlines how Lews Castle College UHI intends to build on its commitments to Gaelic development, language acquisition and use, as set out in the College’s first Gaelic Language Plan.

The Plan, which was developed by a college Advisory Group, intends to further strengthen the position of Gaelic within the College among students and staff, while reaffirming its links with the surrounding Gaelic community.

College Principal, Iain MacMillan said: “Lews Castle College UHI is in the unique and privileged position of serving the largest Gaelic speaking community in the world. The college strongly believes in working closely with this community to fulfil its aspirations with regard to Gaelic development.”

Individuals and organisations are invited to comment on the Plan over the next six weeks. A copy of the Gaelic Language Plan can be viewed on the college’s website, or a paper copy may be requested by contacting either 01851 770457 or by emailing This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.

The consultation ends at 5pm 12th March.

Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI air tòiseachadh air co-chomhairle phoblach gus beachdan fhaighinn air dreach den dàrna Phlana Ghàidhlig aca.

Tha am Plana, a chaidh a dhèanamh ri linn Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a’ mìneachadh mar tha dùil aig a’ cholaiste na gealltanasan a thaobh leasachadh, ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a chur an cèill.

Tha am Plana, a chaidh a chur ri chèile le Buidheann Comhairleachaidh sa cholaiste, ag amas air inbhe na Gàidhlig a neartachadh am measg oileanach agus luchd-obrach na colaiste. Thathar cuideachd an dùil na ceanglaichean eadar a’ cholaiste agus a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Prionnsabal na colaiste “Tha suidheachadh sònraichte agus fortanach aig Colaisde a’ Chaisteil UHI seach gu bheilear stèidhichte anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig as motha san t-saoghal. Tha a’ cholaiste a’ creidsinn gu mòr ann a bhith a’ co-obrachadh gu dlùth leis a’ choimhearsnachd gus iarrtasan a thaobh leasachadh na Gàidhlig a choileanadh.”  

Thèid fàilte a chur air beachdan daoine fa leth is buidhnean air a’ Phlana thairis air na sia seachdainean ri teachd. Gheibhear lethbhreac den Phlana air làrach-lìn na colaiste, no faodar lethbhreac pàipeir iarraidh le bhith a’ cur fòn gu 01851 770457 no le post-delain a chur gu This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it..

Bidh a’ cho-chomhairle phoblach a’ tighinn gu crìch aig 5f air 12mh Màirt.