A new Gaelic plan for the North of Lewis was presented to Bòrd na Gàidhlig this week. 

In partnership between Urras Oighreachd Ghabhsainn and Comunn Eachdraidh Nis, the plan was prepared in accordance with the relevant priorities, aimed at encouraging and assisting the community in using Gaelic.

Shona Maclellan, CEO of Bòrd na Gàidhlig, said: “It is great to see an updated version of the Gaelic plan for the North of Lewis to deliver against the outcomes of the National Gaelic Language Plan 2018-23 in an area so important to the language.

"It is promising to see the partnership between Urras Oighreachd Ghabhsainn and Comunn Eachdraidh Nis having a positive effect, with the aim of having Gaelic spoken and used by more people in the North of Lewis.

"We held some important and interesting conversations with people and groups involved in Gaelic and community development and it is clear there is already plenty happening to support this plan.”

Annie MacSween, Chair of Comunn Eachdraidh Nis, said: “Comunn Eachdraidh Nis is delighted to be involved in a Gaelic language plan for a community where Gaelic is still spoken.

"It is important that communities in which Gaelic is spoken daily are supported.”

Shona Macmillan, Gaelic Development Officer at Urras Oighreachd Ghabhsainn, said: “It is hugely important that we increase Gaelic’s status and visibility in this area, and we hope that other communities take similar action by working in partnerships to protect and promote the language in future.”

Agnes Rennie, Chair of Urras Oighreachd Ghabhsainn, added: “It is a big step to publish this plan at such a challenging time but with new opportunities for us as a community.

"The plan arose from cooperation and that is what will allow us to deliver.”

To see a copy of the plan, please get in touch with Shona Macmillan on This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it. or 01851 850 393.

Plana Gàidhlig airson Ceann a Tuath Eilean Leòdhais
Chaidh plana Gàidhlig ùr airson ceann a tuath Eilean Leòdhais fhoillseachadh an t-seachdain sa nuair a thadhal Bòrd na Gàidhlig air an sgìre.

Ann an com-pàirteachas eadar Urras Oighreachd Ghabhsainn agus Comunn Eachdraidh Nis, chaidh plana ùr ullachadh a tha a’ freagairt air prìomh bhuilean a’ phlana nàiseanta aig Bòrd na Gàidhlig 2018-2023, ag amas air buidhnean sa choimhearsnachd a chuideachadh agus a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Thuirt Anna NicSuain, Cathraiche Chomunn Eachdraidh Nis: “Tha Comunn Eachdraidh Nis toilichte a bhith an sàs ann am plana Gàidhlig airson coimhearsnachd far a bheil an cànan làidir san latha an-diugh. Tha e cudromach gun teid taic a chumail ris na sgìrean sin far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast air a cleachdadh mar chànan làitheil.”

Thuirt Shona Nic a’ Mhaoilein, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Urras Oighreachd Ghabhsainn: “Tha e air leth cudromach gum bi sinn a’ togail cliù agus inbhe na Gàidhlig anns an sgìre seo fhèin, agus tha sinn an dòchas gun gabh coimhearsnachdan eile an ceum seo cuideachd le bhith ag obair còmhla gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus a bhrosnachadh san àm ri teachd.” A’ cur ri seo, thuirt Agnes Rennie, Cathraiche an Urrais, “’S e ceum mòr a th’ ann am plana seo fhoillseachadh aig àm a tha dùbhlanach ach le cothroman ùr dhuinn mar choimhearsnachd. Dh’èirich am plana à co-obrachadh agus ’s e sin a leigeas dhuinn a choileanadh.”

Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha e fìor mhath faicinn gun deach ùrachadh air a’ Phlana Gàidhlig saor-thoileach airson Ceann a Tuath Leòdhais, gus na prìomhachasan anns a’ Phlana Nàiseanta Cànain Gàidhlig 2018-23 a chur air adhart ann an sgìre a tha cho cudromach dhan chànan. Tha e math faicinn cuideachd gu bheil an co-obrachadh eadar Urras Oighreachd Ghabhsainn agus Comunn Eachdraidh Nis a’ leantainn air adhart gu soirbheachail, leis an t-amas gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice agus le barrachd dhaoine ann an Ceann a Tuath Leòdhais. Bha còmhraidhean air leth feumail agus inntinneach againn le daoine agus buidhnean a tha an sàs le leasachadh na Gàidhlig agus leasachaidhean coimhearsnachd san sgìre agus tha e follaiseach gu bheil tòrr a’ tachairt mu thràth gus am Plana seo a chur an gnìomh.”

Airson lethbhreac dhan a’ phlana fhaicinn, cuiribh fios gu Shona Nic a’ Mhaoilein air This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it. no air 01851 850 393.

Anns an dealbh (L-R) in the photo (L-R)
Anne NicLeòid, Comunn Eachdraidh Nis Anne Macleod, Comunn Eachdraidh Nis
Iain Gòrdan Dòmhnallach, Comunn Eachdraidh Nis Iain Gordon Macdonald, Comunn Eachdraidh Nis
Shona Nic a’ Mhaoilein, Urras Oighreachd Ghabhsainn Shona Macmillan, Urras Oighreachd Ghabhsainn
Agnes Rennie, Urras Oighreachd Ghabhsainn Agnes Rennie, Urras Oighreachd Ghabhsainn
Anna NicSuain, Comunn Eachdraidh Nis Annie Macsween, Comunn Eachdraidh Nis
Daibhidh Boag, Bòrd na Gàidhlig David Boag, Bòrd na Gàidhlig
Steven Kellow, Bòrd na Gàidhlig Steven Kellow, Bòrd na Gàidhlig
Ailig Greumach, Bòrd na Gàidhlig Alex Graham, Bòrd na Gàidhlig
Peadar Morgan, Bòrd na Gàidhlig Peadar Morgan, Bòrd na Gàidhlig